Home » News » FACAL BHON TAOBH AN IAR-DHEAS

FACAL BHON TAOBH AN IAR-DHEAS

O m gu m chi daoine litrichean san paipear mu dheidhinn Gidhlig, a chuid as motha dhiubh air an sgriobhadbh le daoine aig nach eil facal dhith.  Is fior gu bheil Gidhlig  an diugh mar phriomh-cainnt, air son a mr-chuid, aig muinntir nan Eileanan Siar, ach cha robh a chis an comhnuidh mar sin.  Mar a sgriobh Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair.

Is i labhair Alba / is gallbhodaich fhein agus chaneil teagamh gu robh Gidhlig aig na Scoti bho chionn fhada.   Ach is e an rud nach eil idir soilleir nach robh sin cho fad air ais sa tha daoine a'creidsinn.   Ma leughas sibh sgoilearean Gidhlig an diugh fhein, chi sibh gu robh Gidhlig air Galldachd, ma's e sin ainmeachadh ceart air a chis, gu ruig an ochdamh linn deug ann an taobh an iar-dheas Albainn a rir Ruaraidh MacThomais, am brd ainmeil a bha a chionn goirid na h-Ard-ollamh Roinn nan Canain Ceilteach an Oilthigh Ghlascho. Chi sibh cuideachd aiste le Dotair Iain Mac Aonghais anns am bi e ag radh gu robh muinntir Arainn (far an robh e ann eader 1950 is 1960) a' bruidhinn mun ite sin (Galldachd an iar-dheas) mar pairt dhen Gaidhealtachd, on a b'e Gidhlilg bu dual aig na daoine ud (gu-h-eachdraidheil) is bha cuimhne aca air sin.

Mar sin, ann an digh fior,co tha cir nas motha na mi-fhn an teas-meadhon taobh an iar-dheas Albainn, anns an dthaich far an do rugadh Uilleam Uallas is Raibeart Brs, a bhith sgriobhadh sa chanainn a chuir eachdraidh ann am beul aca.

Mur eil ar seann chanain air an teanga an diugh fhin is ann a tha i steidhichte air iomadh ainm ite is ainm pearsanta. Is tric a ghabh mi cuairt seachad air Baile Gearrain no Cnoc Allain no Druim Sceilig, agus nuair a chi mi an ainm Dn Chairbre tha deagh fhos agam gu robh na seann sgeulachdan Gidhlig aig na daoine. Nuair a bhithinn a'draibheadh air rathad an oirthir, chi mi Eilean Mhanainn is Arainn agus air latha soilleir glan chi mi Diura is Cinntire gach earann dhiubh Ian Ghidlig gu ruig bliadhna no dha air ais.

Is urrainn do dhuine air bith iomadh ainm-ite fhaighinn ann ann leabhar a sgriobh an Ridire Herbert MacSual air Tir-Eolais Ghallobha. Chaneil sin cho furasda le ainm-pearsanta ach gheibhear feadhainn ann an leabhar grmair pp139 passim aig Seoras Calder leithid MacWhirter, MacWhinnie is MacWhannel. Tha an ainm deireannachsin a deanadh rann leis am facal Beurla swan agus tha e na's dlithe do fuaim ceart an ainm sin na Beurla MacDonald, direach mar a tha Gallobhach MacKinnie, nas dlithe do MacCoinnich na MacKenzie.

Bha dream fhilidh ainmeil an Alba, na Morisons no MacMuirich, agus bha fear dhiubh na clarsair is brd don Iarla Eglintoun an Siorrachd Air, agus bha teaghlach ainmeil an Gallobha cuideachd -- "Og Niamh, no Agnew anns a'Bheurla, ach is Agneau a chi sibh, sna leabhrichean-eachdraidh, faux-Francais mar a gheibhear air Lamont is eile.  Na mo chuid fhin dheth, b'fherr leam a bhith na mo bhrd Gidhlig na caoraich air bith.   Air ann aon ramh gheibhear Maccusville air Maxwell an ite MacSual a rir Dwelly.   Chan eil fhios agam c aig am bheil an fhirinn ach chaneil aon chnntas Fraingach anns an Fhraing air an aim sin.

An digh fhin choinnich mi Gillebride Mac a'Ghobhain a gabhail cuairt.  Chi mi bho uinneag mo thaigh-sa.  Croit Tearlach Mac Tarlach mum choinneasmh ris an canar Loch Dubh agus air taobh thall na h-aibhne Druim Leathan is an eaglais gheal Baile MacAoidh.  Theid me gu ruig garadh mo thaigh is chi mi Meall Liath is Meall Fuar.

Tha gach ainm-ite is ainm pearsanta seo dthchail don ite dom buin mi, is feadhainn eile le breug-riochd orra, leithid Irongray (Earran Reidh) is Closeburn (Cill Osbran) agus fhuair mi a mach gu robh Machair-na-Sgitheach air Cairn Ryan, is Clachan Ploc air Lauriston o chionn ghoirid.

Co Gaidheal is co Gall? Aig ammanan is gl dhoirbh a radh, gu h-araidh ma bhios facal no dha dhe Gidhlig agad is roinn dhe eachdraidh fior Albannach agad an ite sgudal mun Ochdadh Eanraich sa chuid mnathan-phsta mi-fhortanach mar a fhuair mise san rd-sgoil Albannach an laithean m'oige.

Agus de mu dheidhinn "mi-run mor nan Gall?" Chan eil am beadaidheachd agam freagairt a thoirt don sreath sin ach bidh mi a' fagail sin do brd Gidhlig ainmeil eile. Anns an leabhar-aistean Ris a' Bhruthaich thuirt Somhairle Mac Gilleain an deidh rannsachadh a dheanamh mun chis air brdachd an am sin, gu h-araidh Oran nan Ciobaran Gallda. Gheibh sinn a rir Somhairle:

"Tarcais air na ciobaran Gallda...am modh is an cainnt, am bith gu lir, ach chan eil facal tireil mu dheidhinn na daoine-uaisle bha lnadh am pocaid leis a'mhl mr a fhuair iad bho na tuathanaich-chaora."

Chan eil fhios agam c bu choireach aig an am ud, ach fhad's is aithne dhomh cha b'e aon dhe mo dhaoine fhin. O nach eil fhos againn.a rir eachdraidh cheart, co Gaidheal is co Gall, mar a their iad 'sa Chuirt nam Morair Dearg, fagaidh mi mo chis agaibh.

by William Neil.

Date posted: 01/05/1999

 

Home » News » FACAL BHON TAOBH AN IAR-DHEAS
© 2017 Wigtown Scotland's National Book Town